Search

Tha Cùl Buidhe Dualach

Date 24 November 1975
Track ID 95196
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.223.A8

Original Tape ID

SA1975.223

Summary

This is a love song in which a man praises the beauty of the woman he loves.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Tha cùl buidhe dualach
'S e trom, trom, dualach;
Tha trì char mun cuairt
Ann an cuailean mo leannain-sa.

Na fàinneachan daoimean
Tha mu do mheur an sèine.
A Rìgh bu mhòr an loinn ort
Ri soillse na gealaiche.

Tha iasg sa mhuir gu h-ìosal
Cho math 's thàinig a-nìos às.
Cuiridh mi mo lìon ann
Is sgrìobaidh mi na cladaichean.

Nam bithinn-sa dol a phòsadh
Cha rachainn fad thar m' eòlas.
Tha nìghneagan mun bhòrd seo
Cho bòidheach 's as aithne dhomh.

Tha Peigi agus Màiri
Aig ceann shìos a' chlàraidh.
'S tha Dùghall mar is àbhaist
Cur fàilt' air na caileagan.

Tha cùl buidhe dualach
'S e trom, trom, dualach;
Tha trì char mun cuairt
Ann an cuailean mo leannain-sa.


Uill, 's dòcha nach eil an teacsa a tha seo cho math ris an teacsa a th' anns a' MacDonald Collection, ach co-dhiù, siud mar a chuala mi e ann an Cnapadal, sa bhliadhna naoi ceud deug... a' bhliadhna a thòisich an cogadh, naoi ceud deug 's a naoi-deug air fhichead, aig fear dham b' ainm Raghnall MacNeacail. 'S e an aon duine a fhuair mi timcheall Cill Bheiridh ann a shin aig an robh òrain, agus 's e duine car aighearach a bh' ann. Rachadh e dhannsa dhut nan iarradh tu air. Bha rud beag car faoin ann, ann an dòigh, ach air a shon sin bha òrain... agus 's e an obair a bh' aige a bhith a' coimhead ris an rathad mhòr, a bheil fhios agad. Roadman, mar a chanas iad. Agus fhuair mi òrain eile bhuaithe cuideachd, ach co-dhiù, siud mar a bha 'Falt trom, trom, dualach' aigesan. Siud mar a bha e aigesan.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good