Ciad ainm Eòghann
Cinneadh MacColla
Far-ainm Am Bàrd Loch Fìne
Bliadhna breith 1808
Bliadhna bàis 1898

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Inbhir Aora

Baile/Àite - A' Cheannmhor

Àireamh an neach 11034

Eachdraidh-beatha

Rugadh Eòghann MacColla, Bàrd Loch Fìne, no Clàrsair nam Beann, sa Cheann Mhòr, baile beag mu chòig mìle à Inbhir Aora, an 1808. Bha athair, Dùghall MacColla às an Apainn, na bhàrd, agus bha a mhàthair, Màiri Camshron à Garbh-Choire an Sgìre Chòmhghail, làn sgeulachdan agus òrain. Chaidh a theaghlach a Chanada sa bhliadhna 1831 ach cha do dh'fhalbh e còmhla riutha idir oir bha e airson a' chiad leabhar de chuid òrain fhaicinn an clò. Nuair a bha e mu 30 bliadhna a dh'aois chaidh e a Liverpool far an robh e na chlèireach an taigh-cusbainn a' bhaile fad aon bliadhna deug.

B' ann do Shìne Chaimbeul a rinn e a' mhòr-chuid de na h-òrain gaoil, ach cha do phòs iad a riamh. Phòs ise fear eile agus bha e fhèin pòsta dà uair. Ach cha b' e òrain gaoil a-mhàin a rinn e; bhiodh e cuideachd ri aoireadh is moladh, ri fealla-dha is caoidh. Ged a bha a' bhàrdachd aige a' còrdadh ri mòran tha e air a ràdh nach robh barail mhath sam bith aig muinntir Inbhir Aora air fhèin neo a chuid obrach. Ri linn sin dh'aoir e iad ann am bàrdachd Aoir Slochd a' Chùbair. 'S ann an Canada a chuir e seachad an dàrna leth dhe bheatha. Shaothraich e fad bhliadhnaichean san t-seirbheis chusbainn am baile Kingston agus chaochail e an Toronto aig aois 90 ann an 1898.

Cluinnear òrain leis leithid Taobh Abhainn Aora, Mo Rùn-sa Màili Bhòidheach, Fòghnan na h-Alba agus A' Chaileag Shuaineartach an ìre mhath tric fhathast. Tha cuimhneachan air anns a' chàrn a thog a chàirdean anns a' Cheann Mhòr, agus air a bheil na briathran seo:

Mairidh ainm 's a dhuan
Cho fad 's is buan ar ceòl.

Clàr sgrìobhaidhean

Fòghnan Na h-Alba
Nighean Donn na Mala Crom
Ròsan an Leth-bhaile