Eachdraidh-beatha
Rugadh Iain Caimbeul, Iain mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin, anns an Leth Mheadhanaich ann an Uibhist a Deas air 13 Cèitean, 1855, fear de theaghlach a bha, agus a tha, aithnichte airson bàrdachd agus òrain.
Phòs e Màiri Chaimbeul, nighean Iain Ruaidh, à Loch a' Chàrnain air 28 Samhain, 1893. Bha iad a' fuireach an sin airson greis an dèidh dhaibh pòsadh agus bha ise na pupil-teacher ann aig aon àm. Bha Màiri math air seinn agus chlàraich Mairead Fay Sheathach mòran òrain bhuaipe.
Tràth anns an fhicheadamh linn, thàinig an teaghlach a dh'fhuireach gu Taobh a Deas Loch Baghasdail. B' e Iain Clachair a chante ri Iain agus bhiodh e a' leantainn na ceàird sin, ag obair mu thimcheall na sgìre. B' e fear de na clachairean a thog Eaglais Bhàgh a' Chaisteil ann am Barraigh.
A thaobh na bàrdachd, cha b' e ceannach a rinn e. Bha an tàlant anns an teaghlach, mar a dh'innis Iain MacAonghais (Iain Pheadair) air BBC Radio nan Gàidheal air 31 Dùbhlachd, 1997:
"Bha Iain mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin ann, 's e bu shine de Chloinn Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin, agus, bha mic aige a bha math air na h-òrain. Iain, am fear as sine, agus bha Aonghas Iain math orra, agus gu h-àraidh Ruairidh, am fear ris an cante An Case, bha esan math orra. Agus Seumas, bha e fhèin a cheart cho math."
Bha aon ghille eile, Dòmhnall, agus triùir nighean, Màiri Flòraidh, Annag agus Màiri cuideachd anns an teaghlach. A bharrachd air Òran na Briogais, rinn Iain Clachair iomadach òran èibhinn, eirmseach eile, nam measg A' Chutaidh Ghlas agus Ged Thug an t-Uisge-Beatha Sin mo Char Asam A-raoir.
Chaochail Iain aig 465 Taobh a Deas Loch Baghasdail air 25 Cèitean, 1934, aig aois 79.
Tha sinn an comain Dhòmhnaill Ruairidh Chaimbeil, ogha Iain Chaimbeil, airson an fhiosrachaidh seo.
Clàr sgrìobhaidhean
Dèan Bà Bà Mo Leanabh
Mi an Seo Nam Ònar
Òran na Briogais