Rannsaich
Guthan ar Sinnsirean

Guthan ar Sinnsirean

’S e goireas air-loidhne a th’ ann an Tobar an Dualchais/Kist o Riches a tha ag amas air clàraidhean-fuaim de chultar na h-Alba a thaisbeanadh agus àrdachadh. Tha òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd, beul-aithris agus sgeulachdan am measg nam prìomh stuthan anns na clàraidhean seo, a chaidh a thogail bho na 1930an suas. Thàinig na clàraidhean, a th’ ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla, bho thrì tasglannan: Sgoil Eòlais na h-Alba, Cruinneachadh Chanaigh agus BBC Rèidio nan Gàidheal. ’S e prìomh amas Tobar an Dualchas/Kist o Riches dèanamh cinnteach gum bi beul-aithris bheairteach na h-Alba air a ghleidheadh agus ri fhaotainn do na ginealaichean ri teachd.

Na Daoine air Cùl nan Cruinneachaidhean

Cha bhiodh clàraidhean idir air an làraich-lìn seo às aonais nam mìltean de dhaoine a thug seachad gu fialaidh agus gu deònach an cuid eòlais agus beul-aithris. Cha bu mhotha a bhiodh iad ann mura b’ e an fheadhainn lèirsinneach a shiubhail Alba air fad gus na daoine seo a chlàradh. Thogadh mòran dhe na clàraidhean an toiseach ann an dachaighean dhaoine, agus an luchd-clàraidh tric a’ tarraing uidheam trom. Thagh sinne cuid dhen fheadhainn as iomraitiche co-cheangailte ris na cruinneachaidhean los gum faigh thu a-mach beagan a bharrachd mum beatha, a thuilleadh air a bhith ag èisteachd rin clàraidhean. Bidh sinn a’ cur tuilleadh chunntasan ris an làraich-lìn gach mìos agus mar sin, dèan cinnteach gun tadhail thu air na duilleagan seo a-rithist.

Pròiseactan agus Fiosrachaidh Eile

A bharrachd air a bhith a’ leasachadh na làraich-lìn againn, bidh sinn tric ag obair còmhla ri buidhnean eile agus daoine fa leth airson pròiseactan, tachartasan, agus cùrsaichean a leasachadh do mhath na coimhearsnachd. Tha beagan eisimpleirean dhe na pròiseactan seo shìos.

Goireasan Gàidhlig do Sgoiltean

Goireasan Gàidhlig do Sgoiltean

Chruthaich Tobar an Dualchais taghadh de ghoireasan foghlaim sa Ghàidhlig aig ìre ro-sgoil, bun-sgoil agus àrd-sgoil. Bidh na goireasan seo nan cuideachadh do luchd-teagaisg agus oileanaich ann a bhith a’ faighinn a-mach mun bheairteas de dh’fhiosrachadh a tha ri fhaotainn air an làraich-lìn. Tha e cudromach gun cuir Gàidheil òga eòlas air an dualchas bheairteach a tha an lùib a’ chànain agus ’s e goireas air leth a th’ anns an làraich-lìn seo airson an cothrom sin a thoirt dhaibh. Thèid tuilleadh ghoireasan a chur ris an earrainn seo nuair a tha iad deiseil.

Blogaichean as ùire

Cothrom air Leth ann an Gàidhlig is Albais do Luchd-ealain Òg

Chaidh pròiseact ùr Sgrìobh | Scrieve a chur air bhonn le Eden Court is Tobar an Dualchais (TAD) far am faigh dithis neach-ealain òg an cothrom pìos ciùil ùr is bàrdachd ùr a chruthachadh ann an Gàidhlig is Albais. Mar phàirt den phròiseact, gheibh an luchd-ealain ùine gus rannsachadh a dhèanamh air làrach-lìn TAD mus cruthaich iad obair ùr a thèid a thaisbeanadh aig Under Canvas 2024 aig Eden Court.
Leugh

Abair Rionnagan aig Cuirm-chiùil an Uibhist

Bha meall de luchd-ciùil tàlantach an eilein ri chluinntinn aig a’ chuirm ‘Dualchas Uibhist’ a chaidh a chumail bho chionn ghoirid ann an Talla Naomh Peadar ann an Uibhist a Deas. Chuireadh a’ chuirm air dòigh le Ceòlas agus Tobar an Dualchais agus thug i luchd-ciùil, seinneadairean, dannsairean agus sgoilearan bho Sgoil Dhalabroig cruinn còmhla.
Leugh

Spiritual tradition of Gàidhealtachd’s female bards

The Gàidhealtachd is full of outstanding female bards and singers, and this has been the case throughout history. Names including as Sìleas na Ceapaich (c1660-1729), Mary MacDonald (1789-1872) and Màiri Mhòr nan Òran (1821-1898) continue to live on as some of the most impressive and prolific Gaelic bards.
Leugh