Ciad ainm Calum
Cinneadh Dòmhnallach
Bliadhna breith 1953

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Loch nam Madadh

Àireamh an neach 2770

Eachdraidh-beatha

Rugadh Calum MacDhòmhnaill ann an Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath, ann an 1953. Chaidh e an toiseach gu Bun-sgoil Loch nam Madadh agus an uair sin gu Àrd-sgoil Phort Rìgh nuair a ghluais an teaghlach dhan Eilean Sgitheanach. Dh’fhàg e an t-Eilean Sgitheanach ann an 1971 gus ionnsachadh mu theagasg Foghlaim Chorporra aig Colaiste Chnoc Iòrdain ann an Glaschu, agus an uair sin theagaisg e làn-ùine airson trì bliadhna aig Àrd-sgoil Lasswade, Meadhan Lodainn.

Thòisich Calum, a bhràthair Ruaraidh [5480], agus Blair Dùghlas Runrig [11355] ann an Glaschu ann an 1973, ged nach b’ urrainn dhaibh a bhith an sàs làn-ùine sa chòmhlan gu 1983. Gun teagamh, tha Runrig air barrachd a dhèanamh thar nam bliadhnaichean na còmhlan sam bith eile gus ceòl Gàidhlig a thoirt gu aire luchd-èisteachd eadar-nàiseanta. Dhealaich Runrig ann an 2018 ach dh'fhàg iad dìleab prìseil anns na h-òrain a rinn iad a tha air an seinn le mòran sheinneadairean, chòmhlain-ciùil agus chòisirean eile – òrain leithid An Ubhal as Àirde, Cearcall a’ Chuain, Tìr an Airm, The Old Boys, Dance Called America agus mòran eile.

Ged a bha Calum a' cluich nan drumaichean agus innealan eile ann an Runrig, b' ann ann an sgrìobhadh òrain as motha a tha ùidh aige. Chaidh an t-òran Ruaraidh Iain Thàilleir a chluinntinn an toiseach ann an 1981, nuair a bha Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC a' cumail farpais airson òran ùr a thaghadh a rachadh air adhart chun an Fhèis Phan Cheilteach a bha ga cumail gach bliadhna ann an Èirinn. B' e Ruaraidh Iain Thàilleir seanair Chaluim agus Ruaraidh; chaidh a dhroch leòn le shrapnel anns a' Chiad Chogadh agus chunnaic e a bhràthair fhèin ga mharbhadh, 's iad a' sabaid taobh ri taobh anns an aon bhlàr. Chaidh a thoirt a chreidsinn air gu leòr dhen ghinealach sin gun robh iad a' sabaid ann an cogadh a bha a' dol a chur crìoch air cogadh uile-gu-lèir, ach cha b' fhada gus an robh e follaiseach nach robh an sin ach a' bhreug.

Tha Calum pòsta le triùir chloinne agus tha a dhachaigh ann an Siorrachd Rois. 'S e a theaghlach, a' Ghàidhlig agus spòrs na cur-seachadan as cudromaiche dha.

Clàr sgrìobhaidhean

An Ubhal as Àirde
Cearcall a' Chuain
Chi Mi 'n Geamhradh
Ruaraidh Iain Thàilleir
Tìr an Airm