Ciad ainm Ruairidh
Cinneadh Dòmhnallach
Bliadhna breith 1949

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Àireamh an neach 5480

Eachdraidh-beatha

Rugadh Ruaraidh ann an Uibhist a Tuath ann an 1949.

Thòisich Ruaraidh, a bhràthair Calum [2770], agus Blair Dùghlas Runrig [11355] ann an Glaschu ann an 1973, ged nach b’ urrainn dhaibh a bhith an sàs làn-ùine sa chòmhlan gu 1983. Gun teagamh, tha Runrig air barrachd a dhèanamh thar nam bliadhnaichean na còmhlan sam bith eile gus ceòl Gàidhlig a thoirt gu aire luchd-èisteachd eadar-nàiseanta. Dhealaich Runrig ann an 2018 ach dh'fhàg iad dìleab prìseil anns na h-òrain a rinn iad a tha air an seinn le mòran sheinneadairean, chòmhlain-ciùil agus chòisirean eile – òrain leithid An Ubhal as Àirde, Cearcall a’ Chuain, Tìr an Airm, The Old Boys, Dance Called America agus mòran eile.

Chaidh an t-òran Ruaraidh Iain Thàilleir a chluinntinn an toiseach ann an 1981, nuair a bha Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC a' cumail farpais airson òran ùr a thaghadh a rachadh air adhart chun an Fhèis Phan Cheilteach a bha ga cumail gach bliadhna ann an Èirinn. B' e Ruaraidh Iain Thàilleir seanair Chaluim agus Ruaraidh; chaidh a dhroch leòn le shrapnel anns a' Chiad Chogadh agus chunnaic e a bhràthair fhèin ga mharbhadh, 's iad a' sabaid taobh ri taobh anns an aon bhlàr. Chaidh a thoirt a chreidsinn air gu leòr dhen ghinealach sin gun robh iad a' sabaid ann an cogadh a bha a' dol a chur crìoch air cogadh uile-gu-lèir, ach cha b' fhada gus an robh e follaiseach nach robh an sin ach a' bhreug.

Clàr sgrìobhaidhean

An Ubhal as Àirde
Cearcall a' Chuain
Chi Mi 'n Geamhradh
Ruaraidh Iain Thàilleir
Tìr an Airm